Search
  • Health & Wellness

Update from Councillor Calum Munro

To take over the chair of the SLR Implementation Steering Group in September was a privilege which brought with it a great sense of responsibility. 2021 has been a challenging year. The Options Appraisal process has faltered and requires resetting and realigning with NHS Highland’s Vision for Health and Social Care Services in Skye. The challenge of implementing SLR’s recommendations to achieve the desired health and social care outcomes for North Skye and Raasay still requires much effort and pulling together. As we look ahead to 2022 I do so with optimism, and I do believe that with genuine co-production and renewed focus the health outcomes we aspire to can be achieved.


At this stage, though, I would like to pay tribute to the dedication and commitment of all those who deliver health and social care in every setting in our communities whether that be in people’s own homes, residential home, medical centre, or hospital. It’s also important to acknowledge and thank all those residents of North Skye communities who give up large amounts of time voluntarily to represent their community’s views and to scrutinise, challenge and influence the direction this process takes. I wish everyone in Skye and Raasay a Merry Christmas and a Happy, Healthy New Year.


’S e urram a bh’ ann cathair Buidheann Stiùiridh airson molaidhean Shir Lewis Ritchie a chur an gnìomh a ghabhail thairis ach tha uallach dleasdanais àraid na chois cuideachd. Tha dùbhlanan air a bhith nar coinneimh uile ann an 2021. Cha deachaidh an t-adhartas bu mhiann leinn a dhèanamh air Measadh nan Roghainnean (Options Apprasail) agus tha againn ri ùrachadh agus ath-bheòthachadh a thoirt air a’ ghnothach anns a’ Bhliadhn’ Ùir. Cuideachd feumar obair a dhèanamh air Leirsinn ùr NHS na Gàidhealtachd airson an Eilein a chur an sàs a rèir miannan nan eileanach.


Aig an ìre seo ged-thà bu toil leam moladh mòr a dhèanamh air gach neach a tha ag obrachadh gu dìcheallach agus gu dùrachdach airson seìrbhisean slàinte agus cùraim a thoirt seachad don fheadhainn nar coimhearsnachdan a tha feumach orra. Cuideachd, tha e uabhasach cudromach aithneachadh gu bheil an t-uabhas dhaoine a’ toirt seachad tòrr mòr ùine gu saor-thoileach airson taic a chumail ri leasachadh mholaidhean Shir Lewis Ritchie agus tha iad sin airidh air ar taing mhòr. Tha mi a’ guidhe Nollaig Chrìdheil agus Bliadhna Mhàth Ùr dhuibh uile.




64 views0 comments

Recent Posts

See All